Tha Stiùideo Alba Earranta, (a b'abhaist a bhith ainmichte mar Urras Studio Drama Gàidhlig) air a dhèanamh an àrd de Bhòrd Stiùiridh le riochdairean bho Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (a b'abhaist a bhith ainmichte mar Comataidh Craolaidh Gàidhlig), Comhairle nan Eilean Siar, Iomairt na h-Eileanan an Iar agus Comunn na Gàidhlig. 'S e Stiùideo Alba an stiùideo neo-eisimeileach as motha a th'anns na h-Eileanan an Iar. Chaidh an Stiùideo a chrìochnachadh ann an 1996 agus chaidh a thogail airson àite a thoirt dhan siabann telebhisean Ghàidhlig, Machair. Bhon uairsin, chaidh Machair a leigeil seachad air sailleibh na bacaidhean ionmhas a chaidh a chuir air Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig. Chaidh Machair a chlàradh airson an uair mu dheireadh aig an Stiùideo anns a' Chèitean 1998. Tha sinn air a bhith an sàs ann an riochdachadh telebhisean Ghàidhlig bho 1996. Bho fhosgail sinn, thathas ar airgead-seilbh a chuir a-steach ann an goireasan ùra leithid reige solais, làr chromakey, fo-thiotalachd agus deasachadh airson dèanamh cinnteach gum fuirich an gnìomhachas anns na h-eileanan so-obraichte. Tha sinn cuideachd air airgead a chuir a-steach ann an leasachaidhean ùra a tha a ciallachadh gun urrainn dhuinn seirbheis fior mhath a thoirt seachad. Thathas air an t-uabhas cleachdadh fhaighinn bhon ghoireas riochdachaidh againn bho thàinig a' chompanaidh còmhla.
Tha sinne den bheachd gu bheil an uidheamachd as fhèarr againne dha riochdairean airson crìoch a chuir air an obair aca. Tha Stiùideo Alba a dèanamh strì mhath airson cumail suas ris na craoladairean mòra mar a BhBC agus Scottish Telebhisean. Tha buidheann ionadail air a riochdachadh air am Bòrd Stiùiridh againn. Tha seo a dèanamh cinnteach gu bheil a' chompanaidh air a chumail suas le leasachaidhean anns an eaconamaidh ionadail agus ann an roinn na Gàidhlig. 'S urrainnear seo cothroman a dhearbhadh agus a leantainn a bheireas obair dhan Stiùideo. Aig an àm a tha seo, tha an Stiùideo a' faighinn obair bhon roinn telebhisean Ghàidhlig. 'S urrainnear Clients include MG Alba, ITV, BBC Scotland, Scottish Television, macTV, Pelicula Films, Eyeline Media, Bees Nees, Tern Television, MnE, Paracas Media, Saltire Films ainmeachadh mar feadhainn de luchd-dèilig Stiùideo Alba. Tha Stiùideo Alba san aon togalach ri TeleG, a' chiad seanal digiteach làitheil anns a' Ghàidhlig. Tha an t-seanal seo a craobh-sgaoladh ann an Alba gach oidhche air DTT Seanal 8. Airson barrachd fiosrachadh coimhead ris an làrach-lìn aca - www.teleg.co.uk.
|