view site in english
dachaigh fiosrachadh feumail
eachdraidh an eilean
seirbheisean cuir fios gu
obair-riochdachaidh ceangalan

FAR A BHEIL SINN

reef beach

Tha Stiùideo Alba stèidhichte ann an Steòrnabhagh, prìomh bhaile Eilean Leòdhais ann an Eileanan na h-Innse Gall. Tha mu 6000 daoine a' fuireach ann an Steòrnabhagh is tha mu 18,000 daoine a' fuireach air an eilean air fad. 'S ann an Steòrnabhagh a tha Comhairle nan Eilean Siar stèidhichte. Tha Sgoil MhicNeacail agus Colaiste a' Chaisteal stèidhichte sa bhaile cuideachd a' ciallachadh gun urrainnear foghlam aig àrd ìre a dhèanamh gun an eilean fhàgail. Dh'fhosgail Aonad ùr Spòrs agus Aonad Ealain ann an 2005. A bharrachd air an Aonad Spòrs againn, tha goireasan mhath spòrsail eile againn air feadh an eilean. Tha raon goilf, goireasan mhath airson ball-coise, àite airson Go-Karting a dhèanamh agus raon airson Paintball againn. Tha Stiùideo aig Radio nan Gaidheal sa bhaile is tha stèisean cuideachd aig an stèisean rèidio ionadail againn fhìn, Isles FM. Tha àireamh mhòr de dh'àitean air an eilean a tha a tàladh luchd-turais gach bliadhna. Tha Clachan Chalanais ainmeil air feadh an t-saoghal is tha àitean eile mar am Broch air an Dùin agus Baile Taighean-tughaidh na Gearrannan ann an Carlabhagh cuideachd a' togail aithne mar àite inntinneach airson luchd-turais.

reef beach

Tha an eilean gu mòr na theis-mheadhain de shaoghal na Gàidhlig ged a tha an àireamh de luchd-labhairt air tuiteam gu mòr thairis air na bliadhnaichean. Ach, tha tòrr de na bun-sgoiltean ionadail le Aonadan Ghàidhlig a tha a' ciallachadh gun urrainn do chlann foghlam bun-sgoil fhaighinn tro mheadhan na Gàidhlig. Tha Gàidhlig cuideachd air a thabhann mar chuspair anns na h-àrd sgoiltean. A bharrachd air a seo, tha iomadh chompanaidhean Ghàidhlig le oifisean anns a' bhaile ag obair air diofar taobhan den chànan; na h-ealain, na meadhanan, foghlam m.s.a.a. Tha Feis Cheilteach na h-Innse Gall a bhios a' dol air adhart gach samhradh, na thogail mhòr dhan eaconamaidh ionadail a' tàladh na mìltean de dhaoine bho fad is farsaing airson èisteachd ri ceòl thraidiseanta is ùr.

Tha eaconamaidh na h-eilean air atharrachadh gu mòr thairis air na bliadhnaichean. Tha na seann dòighean beatha mar an iasgach agus gnìomhachas a Chlò Hearach fhathast ann ach thathas air a dhol sìos anns na bliadhnaichean a chaidh seachad ged a tha feadhainn fhathast a dèanamh am beòshlaint bho na h-obraichean seo. Tha obraichean ùra, nodha a-nise cumanta le iomadh gnìomhachasan ionadail a' tighinn gu bith anns a' bhaile agus anns na bailtean ionadail.

ÀITICHEAN-FUIRICH

Tha raon fharsaing de dh'àitichean fuireach ri fhaighinn air an eilean. Tha iomadh Taighean-òsta, Taighean Aoigheachd, Leabaidh is Bracaist, àitean Fèin-Solarachd, òsdail, Carabhans, àitean Campaidh agus Pàircean Làithean-Saora stèidhichte sa bhaile agus 's an dùthaich. Airson ceangal dìreach gu fiosrachadh air àitichean-fuirich, brùth air a seo www.visithebrides.com.

dachaigh :: eachdraidh :: seirbheisean :: obair-riochdachaidh :: fiosrachadh feumail :: an eilean :: cuir fios gu :: ceangalan

© Studio Alba 2006. Air a dhealbh le reefnet.