studio alba - history view site in english
dachaigh fiosrachadh feumail
eachdraidh an eilean
seirbheisean cuir fios gu
obair-riochdachaidh ceangalan

STIUIDEO

Stiuideo

Tha an stiuideo 30m x 18m x 4.8m. Innte, tha 64 inneal soluis agus 20 inneal scenery. Tha motar air gach fear. Cuideach, tha 32A agus dhà 16A socaid air a h-uile inneal soluis. Tha tuilleadh socaidean eile air feadh an stiuideo. Airson na soluis air obrachadh, tha dhà deasc ADB Vision againn. Tha cùirtearan dubha a' còmhdachadh na ballaichean.

IAR-RIOCHDACHADH

post production

Tha an roinn iar-riochdachaidh againn a' fàs agus 's urrainnear raon fharsaing de dh'innealan cruthachail didsiotach a thabhann do luchd-dèilig.

DEASACHADH

Discreet Smoke

'S urrainnear an t-uabhas a dhèanamh le 'Discreet Smoke'. 'S i an t-inneal deasachaidh air-loidhne as fheàrr san t-saoghal. Tha na h-innealan co-fhillte gu furasta a' dèanamh deasachadh, dath ceartachaidh adhartach is rangachadh. Tha na 'keyers' is fheàrr dha dhèanamh comasach peant didsiotach, teacsa agus grafaics a chleachdadh. 'S urrainnear na h-ìomhaighean is dorra a chruthachadh le suas ri ceud sreath aig an aon àm am broinn àrainn 3 Dealbhach. Tha e comasach obair bho fuasgladh sam bith a' measgachadh ìomhaighean airson SD gu 2K gu luath agus le atharrachaidhean a dhèanamh a thaobh meud. A bharrachd air a seo tha an t-inneal Smoke comasach air obair sgrìobhaidh a chur chun modal Burn a' ciallachadh gum bi tòrr ùine agaibh ur n-aire a chumail air na taobhan cruthachail dhen phròiseact.

Tha e comasach deasachadh a dhèanamh air pròiseaict sam bith air a' bhathar as ùire aig Avid. 'S urrainnear na thogras sibh de stuth a shàbhaladh ann am prògram gun eagal a bhith oirbh gun caill sibh càil. Le bhith cleachdadh rùn measgaichte 's urrainn dhut do thasglann a leasachadh gus an fheum as èifeachdaich a dhèanamh a thaobh d' obair is do thasgadh.

GRAFAICS

graphics

Adobe Photoshop/ Adobe Illustrator

Cruthaich grafaicean grinn, dealbhan agus eileamaidean de theacsa airson an sgaoileadh thairis air na meadhanan air fad.

COMPOSITE & 3D

Adobe After Effects

Tha e comasach grafaicean a thoirt beò agus ìomhaighean doirbh a thogail airson an obair agad a dhèanamh spèisealta bho obair chàich. Tha an seòmar AE againn làn le cruinneachadh fharsaing de dh'innealan airson taic a thoirt dhuibh dealbhan tlachdmhor a ghlacas aire a mhòr-shluaigh a chruthachadh.

COMMOTION

Tha e comasach eileamaidean a ghluasad a-mach bho na cùil a thòisichear leis is an cleachdadh ann an grafaicean leantainneach no càil sam bith nach eilear ag iarraidh a thoirt a-mach. Tha seo freagarrach airson trioblaidean sam bith a chuir ceart nach fhacas nuair a bhathas a' clàradh.

FO-THIOTALAN

post production

Poliscript 3000

Tha an luchd-obrach eòlach againn a' cleachdadh an inneil seo airson fo-thiotalan a chruthachadh agus airson atharraichean sam bith a dhèanamh.

Bun-structair

Tha an roinn iar-riochdachaidh againn air fad air obrachadh a-steach ann an lìonra luath. Tha an dòigh sa bheilear a' cleachdadh SD/HD/SDI a' ciallachadh gu bheil cho beag de dh'ùine 's a ghabhas air a chosg ag atharrachadh stuth eadar na h-obraichean àbhaisteach. Tha e cuideachd comasach cruth sam bith a chur a-steach dhan phròiseact gun thrioblaid sam bith. Tha luchd-obrach eòlach againne a tha sgileil airson obair a dhèanamh dhiubh no faodaidh sibh na daoine agaibh fhèin a thoirt a-steach is na rumannan againn a chleachdadh.

dachaigh :: eachdraidh :: seirbheisean :: obair-riochdachaidh :: fiosrachadh feumail :: an eilean :: cuir fios gu :: ceangalan

© Studio Alba 2006. Air a dhealbh le reefnet.